摘要
Gu coiteanta, sònraichear nàdarrachd ann an labhairt mar chomharradh gu bheil neach-labhairt air choireigin ùghdarrail, agus 's ann le nàdarra a thathar a'ciallachadh gu bheil an labhairt sin gun fhèin-mhothachadh, mas fhìor.(Eckert 2003, Jolly 2000)Rinneadh agallamhan còmhla ri buill de choimhearsnachdan Gàidhlig ùra ann an Èirinn agus seallar gu bheil an dà bhun-bheachd càirdeach seo, nàdarrachd agus ùghdarrachd, air iomradh ann an conaltradh mu chleachdadh-cànain le luchd-labhairt na Gàidhlig neo-thraidiseanta. Nithear argamaid gu bheil na bun-bheachdan seo trioblaideach an rèis ath-leasachaidh-chànain. Molar gu bheil linn na coimhearsnachd Gàidhlig nàdarra seachad, ma bha a leithid a-riamh againn, agus mar sin, nach e amas freagarrach a th'ann an nàdarrachd nuair a thig e gu ath-leasachadh na Gàidhlig. Agus molar gu bheil ùghdarrachd nas trioblaidiche fhathast, a thaobh èifeachd an ath-leasachaidh agus a thaobh bheusan, ma nithear iomsgaradh eadar luchd-labhairt na Gàidhlig 'fìor'agus luchd-labhairt na Gàidhlig eile.
| 源语言 | English |
|---|---|
| 主期刊名 | From Vestiges to the Very Day: New Voices in Celtic Studies |
| 编辑 | Moray Watson, Lindsay Milligan |
| 出版商 | Centre for Irish and Scottish Studies |
| 页 | 91-98 |
| 页数 | 8 |
| 出版状态 | Published - 2010 |
指纹
探究 'Nàdarrachd agus Ùghdarrachd ann an Ideòlas-cànain an Ath-bheothachaidh ann an Èirinn' 的科研主题。它们共同构成独一无二的指纹。引用此
- APA
- Author
- BIBTEX
- Harvard
- Standard
- RIS
- Vancouver