摘要
Air an A6, am prìomh rathad eadar Beul Feirste agus Doire, agus leitheach-slighe eadar an dà bhaile sin, thaam baile,Machaire Rátha,suidhichte air dùthaich Èireann a Tuath, fo sgàil druim nan Speiríní agus air a chuairteachadh le fearann-àitich.’S e bailemargaidh beag a thaann, le goireasan dha na coimhearsnachdan dùthchail a tha mun cuairt air, agus,ann an 2001, bha 3711 duine a’fuireach ann, 72.41% a chaidh àrach nan Caitligeach agus 27.11% a chaidh àrach nam Pròstanach(Northern Ireland Census 2001). Abrar Carn Tóchair, bho ainm cnuic a tha làimh ris a’ bhaile,ris na ceàrnaidhean dùthchail an iar-thuath air Machaire Rátha,agus ’sann annan teis-meadhan Sgìre Charn Tóchair a lorgaram baile beag bìodach, Tír Chiana, agus e aigcroisan rathaidmu chòig chileameatair a-mach à Machaire Ráthafhèin.Ged nach eilann an Tír Chianaach grunn taighean na laighe am measg achaidhean, ’se àite leasaichte goireasach a thaann an taca ri bailtean eileden aon mheud ann an Èirinna Tuath.Ann an 2008, bha bun-sgoil, sgoil-àraich, oifis puist, bùth, ionad-coimhearsnachd, ionad-gnìomhachais agus sgeama beag de thaigheadas sòisealta uile dlùth ri chèile air an aon làraich mun cuairt air croisan rathaid.Chaidh gach goireas sin, ach a-mhàin a’bhun-sgoil, a chur air dòigh le buidhinn bhig de dh’iomairticheancoimhearsnachd fo bhratach Choiste Forbartha Charn Tóchair(‘comataidhleasachaidh Charn Tóchair’), agus b’ean aonbhuidheann sin a chuir ro-innleachdiongantachair bhog air an 29mh lathaden Fhaoilleach 2008, ro-innleachd gus Gàidhealtachd ùr (Gaeltacht nua)ath-stèidheachadh ann an Sgìre Charn Tóchairan taobh a-staigh leth-cheudbliadhna.
| 源语言 | English |
|---|---|
| 主期刊名 | A' Cleachdadh na Gàidhlig |
| 主期刊副标题 | slatan-tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd |
| 编辑 | Richard A. V. Cox, Timothy Currie Armstrong |
| 出版商 | Clò Ostaig |
| 页 | 1-16 |
| 卷 | n/a |
| 版本 | n/a |
| ISBN(电子版) | n/a |
| ISBN(印刷版) | 9780956261526 |
| 出版状态 | Published - 2011 |
指纹
探究 'Co-aonta agus Ro-innleachd: Iomairt Charn Tóchair agus ath-leasachadh-cànain aig ìre na coimhearsnachd' 的科研主题。它们共同构成独一无二的指纹。引用此
- APA
- Author
- BIBTEX
- Harvard
- Standard
- RIS
- Vancouver