Avançar para navegação principal Avançar para pesquisar Avançar para conteúdo principal

Nàdarrachd agus Ùghdarrachd ann an Ideòlas-cànain an Ath-bheothachaidh ann an Èirinn

Resultado de pesquisa: Chapter

54 Transferências (Pure)

Resumo

Gu coiteanta, sònraichear nàdarrachd ann an labhairt mar chomharradh gu bheil neach-labhairt air choireigin ùghdarrail, agus 's ann le nàdarra a thathar a'ciallachadh gu bheil an labhairt sin gun fhèin-mhothachadh, mas fhìor.(Eckert 2003, Jolly 2000)Rinneadh agallamhan còmhla ri buill de choimhearsnachdan Gàidhlig ùra ann an Èirinn agus seallar gu bheil an dà bhun-bheachd càirdeach seo, nàdarrachd agus ùghdarrachd, air iomradh ann an conaltradh mu chleachdadh-cànain le luchd-labhairt na Gàidhlig neo-thraidiseanta. Nithear argamaid gu bheil na bun-bheachdan seo trioblaideach an rèis ath-leasachaidh-chànain. Molar gu bheil linn na coimhearsnachd Gàidhlig nàdarra seachad, ma bha a leithid a-riamh againn, agus mar sin, nach e amas freagarrach a th'ann an nàdarrachd nuair a thig e gu ath-leasachadh na Gàidhlig. Agus molar gu bheil ùghdarrachd nas trioblaidiche fhathast, a thaobh èifeachd an ath-leasachaidh agus a thaobh bheusan, ma nithear iomsgaradh eadar luchd-labhairt na Gàidhlig 'fìor'agus luchd-labhairt na Gàidhlig eile.
Idioma originalEnglish
Título da publicação do anfitriãoFrom Vestiges to the Very Day: New Voices in Celtic Studies
EditoresMoray Watson, Lindsay Milligan
EditoraCentre for Irish and Scottish Studies
Páginas91-98
Número de páginas8
Estado da publicaçãoPublished - 2010

Impressão digital

Mergulhe nos tópicos de investigação de “Nàdarrachd agus Ùghdarrachd ann an Ideòlas-cànain an Ath-bheothachaidh ann an Èirinn“. Em conjunto formam uma impressão digital única.

Citar isto