Atividades por ano
Resumo
Tha coimhearsnachdan-labhairt na Gàidhlig a' dol tro atharrachadh bunasach an-dràsta: tha a' Ghàidhlig a' caochladh gu luath bho chànan coimhearsnachd gu cànan lìonraidh anns gach àite air feadh na h-Alba. Am mair a' Ghàidhlig beò mar chànan lìonraidh anns an àm ri teachd? Agus ma mhaireas, ciamar a thèid lìonraidhean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh? Dè na dùbhlanan structarach, agus a' cheart cho cudromach, dè na dùbhlanan ideòlach ron Ath-Bheothachadh mar thoradh air an atharrachadh bhunasach seo? Ciamar a thuigear na th' ann an cànan beò? Ma chaochlas a' Ghàidhlig mar cànan na coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a bheil i fhathast beò ann an riochd lìonraidh? Ann an 2010-2011, rinneadh agallamhan le luchd-ionnsachaidh dualchasach na Gàidhlig, neo heritage learners. Bhiodh an luchd-ionnsachaidh seo air iomall saoghal na Gàidhlig ann an iomadh dòigh, a thaobh comais agus fèin-aithne, agus ged a dh'aithris iad uile gun do chleachd iad a' Ghàidhlig nam beatha làitheil, cha robh ach fear dhe na h-agallaichean a' fuireach ann an sgìre làidir Ghàidhlig aig àm an rannsachaidh. Thèid dàta bho na h-agallamhan seo a chleachdadh ann am meòrachadh air beothalachd na Gàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aona linn air fhichead. Nithear argamaid gu bheil sinn a' dèanamh dà rud riatanach ann an ath-leasachadh na Gàidhlig: gu bheil sinn a' cruthachadh shuidheachaidhean ùra far am feumar a' Ghàidhlig a chleachdadh, agus gu bheil sinn a' daingneachadh a' cheangail eadar fèin-aithne nan Gàidheal agus cleachdadh na Gàidhlig fhèin, seach sinnsireachd neo cineal. Thig dùbhlanan structarach agus ideòlach nach beag an cois an dà ghnìomha seo, agus nithear meòrachadh air ciamar a thèid an coinneachadh.
| Título traduzido da contribuição | Is it still alive?: Gaelic as a Networked Language in the 21st Century |
|---|---|
| Idioma original | Scottish Gaelic/Gàidhlig na h-Alba |
| Título da publicação do anfitrião | Litreachas, Eachdraidh & Cànan: Rannsachadh na Gàidhlig 7 |
| Editores | Sheile Kidd, Thomas Clancy, Roibeart Ó Maolalaigh |
| Estado da publicação | Published - ago. 2020 |
| Evento | Rannsachadh na Gàidhlig 2012 - University of Glasgow, Glasgow Duração: 21 ago. 2012 → 23 ago. 2012 |
Conference
| Conference | Rannsachadh na Gàidhlig 2012 |
|---|---|
| País/Território | United Kingdom |
| Cidade | Glasgow |
| Período | 21/08/12 → 23/08/12 |
Impressão digital
Mergulhe nos tópicos de investigação de “A bheil i beò fhathast? A’ Ghàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aonamh linn air fhichead“. Em conjunto formam uma impressão digital única.Atividades
- 1 Participation in conference