A bheil i beò fhathast?: A’ Ghàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aonamh linn air fhichead

Research output: Chapter in Book/Report/Conference proceedingChapter

View graph of relations

Translated title of the contributionIs it still alive? : Gaelic as a Networked Language in the 21st Century
Original languageScottish Gaelic/Gàidhlig na h-Alba
Title of host publicationRannsachadh na Gàidhlig 7
StateAccepted/In press - 2019
EventRannsachadh na Gàidhlig 2012 - University of Glasgow, Glasgow, United Kingdom
Duration: 21 Aug 201223 Aug 2012

Conference

ConferenceRannsachadh na Gàidhlig 2012
CountryUnited Kingdom
CityGlasgow
Period21/08/1223/08/12

Event

Rannsachadh na Gàidhlig 2012

21/08/1223/08/12

Glasgow, United Kingdom

Event: Conference

Activities

Abstract

Tha coimhearsnachdan-labhairt na Gàidhlig a' dol tro atharrachadh bunasach an-dràsta: tha a' Ghàidhlig a' caochladh gu luath bho chànan coimhearsnachd gu cànan lìonraidh anns gach àite air feadh na h-Alba. Am mair a' Ghàidhlig beò mar chànan lìonraidh anns an àm ri teachd? Agus ma mhaireas, ciamar a thèid lìonraidhean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh? Dè na dùbhlanan structarach, agus a' cheart cho cudromach, dè na dùbhlanan ideòlach ron Ath-Bheothachadh mar thoradh air an atharrachadh bhunasach seo? Ciamar a thuigear na th' ann an cànan beò? Ma chaochlas a' Ghàidhlig mar cànan na coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a bheil i fhathast beò ann an riochd lìonraidh? Ann an 2010-2011, rinneadh agallamhan le luchd-ionnsachaidh dualchasach na Gàidhlig, neo heritage learners. Bhiodh an luchd-ionnsachaidh seo air iomall saoghal na Gàidhlig ann an iomadh dòigh, a thaobh comais agus fèin-aithne, agus ged a dh'aithris iad uile gun do chleachd iad a' Ghàidhlig nam beatha làitheil, cha robh ach fear dhe na h-agallaichean a' fuireach ann an sgìre làidir Ghàidhlig aig àm an rannsachaidh. Thèid dàta bho na h-agallamhan seo a chleachdadh ann am meòrachadh air beothalachd na Gàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aona linn air fhichead. Nithear argamaid gu bheil sinn a' dèanamh dà rud riatanach ann an ath-leasachadh na Gàidhlig: gu bheil sinn a' cruthachadh shuidheachaidhean ùra far am feumar a' Ghàidhlig a chleachdadh, agus gu bheil sinn a' daingneachadh a' cheangail eadar fèin-aithne nan Gàidheal agus cleachdadh na Gàidhlig fhèin, seach sinnsireachd neo cineal. Thig dùbhlanan structarach agus ideòlach nach beag an cois an dà ghnìomha seo, agus nithear meòrachadh air ciamar a thèid an coinneachadh.

Related by author

  1. Planning for growth: the professionalisation of the taskforce for Gaelic revitalisation

    Research output: Chapter in Book/Report/Conference proceedingChapter (peer-reviewed)

  2. The Language of the Playground: Activists building consensus on the language policy and ethos of a new Gaelic immersion school.

    Research output: Chapter in Book/Report/Conference proceedingChapter (peer-reviewed)

  3. An Nádúrachas agus lucht labhartha Ghaeilge na hAlban

    Research output: Chapter in Book/Report/Conference proceedingChapter

  4. Linguistic Naturalism and Language Activism

    Research output: Contribution to conferencePaper

Download statistics

No data available

ID: 1582377