Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua

Student thesis: Doctoral ThesisDoctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)

Abstract

Chaidh trì Gaeltachtaí nua a sgrùdadh mar eisimpleirean de dhealbhadh-cànain ann am buidhnean beaga agus aig a' mhion-ìre: Coimhearsnachd Bhóthar Seoighe ann am Béal Feirste, Èirinn a Tuath, Scéim Chónaithe Choláiste na Tríonóide ann am Baile Átha Cliath, Poblach na h-Èireann agus Sgìre Charn Tóchair ann an Contae Dhoire a Deas, Èirinn a Tuath. Bhiodh na trì coimhearsnachdan seo coltach ri chèile anns an t-seagh gum biodh iad uile ag iomairt gus làraichean còmhnaidheach a stèidheachadh far an rachadh cleachdadh Gàidhlig na h-Èireann na ghnàths gu ìre no eile. Chaidh gnìomh an
ideòlais-chànain a mheasadh anns na Gaeltachtaí nua, agus gu sònraichte, sgrùdadh mar a chaidh gnàthan-cànain Ghàidhlig a stèidheachadh agus a dhìon anns na coimhearsnachdan. An toiseach, rinneadh rannsachadh air ideòlas-cànain coiteanta a nochd anns na pàipearan-naidheachd ann am Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath gus seòrsachadh a thrusadh de dh'ideòlasan cumanta ann an Èirinn, agus mar sin, gus dealbh a tharraing dhen àrainneachd ideòlaich far am biodh na Gaeltachtaí nua suidhichte. An uair sin, chaidh gach coimhearsnachd a sgrùdadh fa leth, le sùil air a' cheangal eadar structar nan coimhearsnachdan agus gnìomh an ideòlais nam broinn.
Mu dheireadh, rinneadh triantanachadh dhe na toraidhean bho na trì làraicheanrannsachaidh eadar-dhealaichte gus ginearalachadh mu ghnìomh an ideòlais-chànain ann am buidhnean beaga, agus mheòraicheadh air cuid dhe na teamaichean coitcheann a chaidh a lorg. Gu sònraichte, shealladh mar a chuir am miann air nàdarrachd ann an labhairt bacadh air èifeachd stèidheachadh nan gnàthan-cànain Ghàidhlig ùra anns na Gaeltachtaí nua agus thaisbeineadh molaidhean dèantach a thaobh ath-leasachaidhcànain
aig a' mhion-ìre a dh'èirich às an rannsachadh.
Date of Award28 Nov 2009
LanguageEnglish
Awarding Institution
  • The University of Edinburgh
SupervisorIain Mac an Taillier (Supervisor), Meg Bateman (Supervisor) & J. Walsh (Supervisor)

Cite this

Stèidheachadh Ghnàthan-cànain Ùra Cuairteachadh Ideòlais-chànain ann an Trì Gaeltachtaí Nua
Armstrong, T. C. (Author). 28 Nov 2009

Student thesis: Doctoral ThesisDoctor of Philosophy (awarded by OU/Aberdeen)