Abstract
Tron dàrna leth den naoidheamh linn deug, tharraing cruth-tìre na Gàidhealtachd ceudan de luchd-ealain. Gu tric, dhealbhaich iad an roinn mar àite sìtheil bòidheach anns an d’fhuaras co-luadair ‘fa leth’ stèidhichte traidiseanta. Dh’ùisnich peantairean grunn de dh’fhoirmlean ann a bhith a’ dèanamh seo. Ro mheadhan na ficheadamh linn, chaidh na foirmlean seo aithneachadh leis na breithnichean-ealain mar ‘an gnàth-nòs Gàidhealach’.Chaidh a chumail a-mach leotha gun robh an gnàth-nòs ath-aithriseach ro-mhaothinntinneach, agus nach do riochdaich e atharrachaidhean na naoidheamh linn deug air a’ Ghàidhealtachd. Tha an tràchdas seo ag ùisneachadh teòraidhean nan saidheansan sòisealta gus athmheasadh
a dhèanamh air ìomhaighean na trèimhse. Tha e a’ tagradh gun robh dà
shnàithlean aig na dealbhan-tìre den Ghàidhealtachd. B’ e ‘a’ Ghàidhealtachd mar shealladh’ a bh’ anns an dàrna fear agus thaisbean e mì-thuigse air co-luadair na roinne. Chaidh a leasachadh tro phròiseas cuartachail agus bha àite aige ann a bhith a’ daingneachadh gnàth-nòs air an do chuir uachdarain na Gàidhealtachd tùs. B’ e ‘a’ Ghàidhealtachd mar dhualchas’ a bh’ anns an t-snàithlean eile. Dh’èirich i a-mach à traidisean peantaidh na h-Alba agus rannsaich i an dàimh eadar na Gàidheil, an àrainneachd nàdarrach agus tìm. B’ e fìor aomadh-ealain a bh’ innte: tha àite cudromach aice ann an eachdraidh-ealain na Gàidhealtachd, agus lorgar i cuideachd ann an eachdraidh-ealain Eòrpaich nas fharsainge. Tha an t-ath-mheasadh a’ sònrachadh cuideam sòisealta ‘na Gàidhealtachd mar shealladh’: ma leughar an snàithlean gu faiceallach, cuiridh e ri tuigse air an dàimh eadar na daoine mòra agus na Gàidheil tro bhreisleach na naoidheamh linn deug. Tha an gnàth-nòs air a
chùlaibh a’ dèanamh cron air dearbh-aithne nan Gàidheal, ge-tà. Ann am peantadh, chaidh cumhachd a’ ghnàth-nòis sin a bhriseadh leis ‘a’ Ghàidhealtachd mar dhualchas’. ’S ann tron dòigh-fhradhairc seo a bu chòir traidiseanan lèirsinneach na Gàidhealtachd a thaisbeanadh san latha an-diugh.
Date of Award | 31 Jul 2016 |
---|---|
Original language | English |
Awarding Institution |
|
Supervisor | Meg Bateman (Supervisor), Murdo MacDonald (Supervisor) & Gina Wall (Supervisor) |