Càite a bheil settings? Fèin-aithne agus ideòlasan cànain luchd-labhairt aig Cearcaill Chòmhraidh na Gàidhlig tro mheadhan cleachdaidhean na Beurla

  • Isabelle Jennifer Flower

Student thesis: Master's ThesisMaster of Research (awarded by UHI)

Abstract

A' togail air toradh Lamb (2008: 47) gur e suidseadh-còd an àbhaist ann an còmhradh Gàidhlig,
sgrùd an rannsachadh seo cleachdaidhean na Beurla am measg chom-pàirtichean Cearcaill
Chòmhraidh air-loidhne. B' e prìomh cheist na h-obrach: ciamar a tha luchd-labhairt na Gàidhlig a' faireachdainn mu chleachdadh na Beurla ann an suidheachaidhean mì-fhoirmeil? Ged a tha cuid rannsachadh, gu h-àraid Bell et al. (2014), air treandaichean mòra ann am beachdan air cleachdadh na Beurla a shealltainn, b' e fòcas a' phròiseict seo diofaran eadar luchd-labhairt a lorg, gus faicinn ciamar a bheireadh iad buaidh air conaltradh. Gus beachdan a chur ris na cleachdaidhean a chlàradh, chuireadh toraidhean sgrùdadh nan Cearcall Còmhraidh ri beachdan a fhuaireadh à agallamhan le cuid chom-pàirtichean nan Cearcall. Chaidh na toraidhean gu lèir a sgaradh eadar teamannan mòra na fèin-aithne agus nan ideòlasan cànain. Fhuaireadh trì prìomh thoraidhean às an rannsachadh: gun robh frionas ann do luchd-labhairt eadar ùghdarras cainnt L1 agus faireachdainn gun cleachd tùsanaich "cus" Beurla; gun robh faireachdainn aig na compàirtichean gu bheil na h-àiteachan san tèid a' Ghàidhlig a chleachdadh ag atharrachadh, gu hàraid le fàs na Gàidhlig air-loidhne agus nas lugha de chleachdadh anns na coimhearsnachdan traidiseanta; agus gun robh cleachdadh na Beurla na chomharra do dh'fhrionasan agus do dh'atharrachaidhean ann an cleachdaidhean na Gàidhlig.
Date of Award25 Sept 2022
Original languageEnglish
Awarding Institution
  • University of the Highlands and Islands
SupervisorTimothy Currie Armstrong (Supervisor) & Marsaili NicLeòid (Supervisor)

Cite this

'