Abstract
San tràchdas seo, nithear ath-mheasadh air bàrdachd baile an naoidheamh linndeug. Anns an fhicheadamh linn, bha cuid de sgoilearan litreachas na Gàidhlig
den bheachd nach robh mòran luach anns a’ bhàrdachd seo, gun robh cus
clichéan innte, ach cha do dh’fhoillsich iad mòran sgrùdaidh a bhiodh a’
dearbhadh an cuid bheachdan le fianais. Mar sin dheth, thèid meòrachadh a
dhèanamh an seo air na seòrsaichean breithneachaidh a bhiodh freagarrach,
agus ruigear an co-dhùnadh gun rachadh dòighean-obrach innealan litreachail
na bàrdachd a shoilleireachadh gu h-èifeachdach tro dhlùth-sgrùdadh a leithid
New Criticism; mar an ceudna, air sgàth ’s gun robh na bàird fhèin agus an
luchd-èisteachd aca air am bogadh ann an dualchas beul-aithris na Gàidhlig,
feumar a chumail an cuimhne gun tug seo buaidh air an t-saothair aca, cho
math ris na bha iad a’ leughadh de litreachas na Gàidhlig, na Beurla agus na hAlbais.
Thèid deichnear bhàrd a thaghadh agus chithear tro dhlùth-sgrùdadh gu bheil
eugsamhlachadh san t-saothair aca, cho math ri cuspairean agus cumaidhean
ann an cumantas eatarra. Seallar gun cleachdar stòras de dh’innealan
litreachail sa bhàrdachd, bheirear an aire do dh’ìomhaigheachd, agus chithear
gu bheil seis-riochdachadh gu h-àraidh cudromach, ann a bhith a’ toirt a-steach
cho-cheanglaichean smuaintean às an dualchas. Mìnichear gur iad na seisriochdachaidhean seo thar uile, a dh’aindeoin is gum faodadh coltas chlichéan a bhith orra, a chuireas brìgh na bàrdachd an cèill.
A thuilleadh, nithear meòrachadh air corra bhàrd a lean orra le bàrdachd
thradaiseanta às dèidh an naoidheamh linn deug, agus seallar dè na slatantomhais a bhios nas fhreagarraiche do dh’obair breithneachaidh na saothrach seo an coimeas ris an fheadhainn a bhios iomchaidh do bhàrdachd nam mòrchànan (agus do nua-bhàrdachd). ’S i argamaid an tràchdais gum bu chòir don neach-breithneachaidh a bhith mothachail air seo, gus an tuigear ealain na bàrdachd. Is ann à sin a leanas a’ mhisneachd a bhios riatanach do shlàinte a’chànain.
Date of Award | 8 May 2021 |
---|---|
Original language | English |
Awarding Institution |
|
Supervisor | Meg Bateman (Supervisor) & Richard A.V. Cox (Supervisor) |