Organization profile

Organisation profile

Faclair na Gàidhlig - Tha an iomairt eadar-oilthigh seo anns a bheil Oilthighean Dhùn Èideann, Ghlaschu, Obar Dheathain, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs ag amas air faclair eachdraidheil de Ghàidhlig na h-Alba a chruthachadh. Thèid a dhealbh air prionnsapalan eachdraidheil coltach ris an fheadhainn air an deach Dictionary of the Older Scottish Tongue agus an Oxford English Dictionary a stèidheachadh.

Chaidh Faclair na Gàidhlig a chur air bhonn ann an 2003 agus tha e air ionmhas fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig, Urras Charnegie, Urras Brosnachaidh na Gàidhlig, Urras Leverhulme, Riaghaltas na h-Alba, Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba, Chomhairle Rannsachaidh nan Ealan ’s Eòlais Dhaonna agus Chomhairle an Rannsachaidh Shòisealta ’s Eaconamaich.
’S ann aig Sabhal Mòr Ostaig OGE a tha rianachd a’ phròiseict fo stiùireadh Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Neach-gairm Comataidh Stiùiridh Faclair na Gàidhlig.

Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn a’ phròiseict www.faclair.ac.uk

 

Dictionary of Gaelic - This inter-university initiative by the Universities of Aberdeen, Edinburgh, Glasgow, Strathclyde and Sabhal Mòr Ostaig UHI aims to produce an historical dictionary of Scottish Gaelic. It will be compiled on historical principles similar to those applied in the Dictionary of the Older Scottish Tongue and the Oxford English Dictionary.
Faclair na Gàidhlig was formally established in 2003 and has attracted funding from Bòrd na Gàidhlig, the Carnegie Trust, the Gaelic Language Promotion Trust, the Leverhulme Trust, the Scottish Government, the Scottish Funding Council, the Arts and Humanities Research Council and the Economic and Social Research Council.
The project is managed from Sabhal Mòr Ostaig UHI under the direction of Professor Boyd Robertson, Principal of the College and Convener of the Steering Committee.

You can find more information on the project website www.faclair.ac.uk

Projects