Rannsachadh na Gàidhlig 2014

Activity: Participating in or organising an eventParticipation in conference

Description

"Oh yes, you're a Gael.": Iomairteachd, fèin-aithne agus a' Ghàidhlig Timothy Currie Armstrong Soillse, Sabhal Mòr Ostaig 'S e gluasad sòisealta a th' ann an ath-bheothachadh cànain, gluasad sòisealta anns a bheil soirbheas an crochadh gu mòr air a' cheangal a nithear eadar an cànan agus fèin-aithne. Anns na bliadhnaichean eadar 1997 agus 2011, ghabh pàrantan agus iomairtichean eile ri ùspairn fhada los bunsgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Dùn Èideann, agus thàinig an iomairt seo gu buil mu dheireadh thall anns an Lùnasdal, 2013, nuair a chaidh Bunsgoil Taobh na Pàirce fhosgladh ann an togalach na seann sgoile, Bonnington, ann an Lìte. Rè nam bliadhnaichean sin, chaidh ceist bhunasach a thogail leis an iomairt: co leis a tha a' Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, ma bhuineas an cànan do mhuinntir a' bhaile idir? A' tarraing air dàta bho eachdraidh shòisealta a thruiseadh bhon iomairt, nithear sgrùdadh air an strì ideòlaich a dh'èirich timcheall na ceist seo. An taic ri sgoil Ghàidhlig sa bhaile, rinn iomairtichean ceanglaichean ùra eadar a' Ghàidhlig agus fèin-aithne ann an Dùn Èideann, agus chaidh na ceanglaichean seo a dheasbad anns an raon phoblach: anns na pàipearan-naidheachd; ann an seòmraichean na Comhairle; an coinneamhan poblach mun sgoil; agus ann an taisbeanaidhean air an t-sràid. Seallar gun deach tuigse ùr air fèin-aithne nan Gàidheal a chur air adhart leis an iomairt, tuigse a bha bonntaichte barrachd air comas cànain agus air dìleas dhan Ghàidhlig na dùthchas a-mhàin. Cuirear an gnìomh seo an coimeas ri gnìomhan cosmhail ann an dùthchannan eile agus seallar mar a tha leasachadh fèin-aithne am measg iomairtichean Gàidhlig ann an Dùn Èideann a' cur ri ar tuigse air ath-bheothachadh cànain mar ghluasad sòisealta anns an fharsaingeachd.
Period24 Jun 2014
Event typeConference
LocationEdinburgh, United KingdomShow on map

Keywords

  • Gaelic language
  • Identity
  • Social Movement
  • Education