Abstract
'S ann tric ann an ruith conaltraidh mu ath-leasachadh-cànain a chluinnear 'nach urrainnear toirt air daoine cànan a bhruidhinn,' agus is coltach gun robh Ruth Wishart aig an aon duan anns an alt seo, ach dè as ciall dhant-seaghachas choitcheann seo?'S e rud comannach co-aontachail a th' ann an dèanadas-cànain agus chan eil cus taghaidh phearsanta againn air na cànanan a bhruidhneas sinn nar beatha mar as àbhaist. Tha an cleachdadh-cànain againn ga riaghladh le structaran sòisealta anns a' chomann far a bheil sinn beò agus chan eil taghadh an neach fa leth a' gabhail pàirt mòr anns a' ghnothach.'S ann gu bitheanta a bhios laghan an reachd a shònraicheas dè na cànanan a ghabhas cleachdadh ann an obair an riaghaltais,anns a' chùirt-lagha,ann am foghlam agus anns an àite-obrach. Agus ann an comann sam bith, bidh gnàthan-cànain(language norms)làidir an gnìomh a stiùiricheas taghadh-cànain anns a' chomann sin, gnàthan-cànain a bhios a-mach à làmhan an neach fa leth gu h-ìre mhòir.(Armstrong 2011)Thamion-chànanan air feadh an t-saoghail a' dol à bith agus thathar a' toirt air luchd-labhairt, le cumhachd phoilitigeachagus le cumhachd eaconomach, nacànanandualchasachacaathrèigsinn. Ann an suidheachadh mar seo, dè bha Ruth Wishart a' sònrachadh nuair a chleachd i am facal, compulsion, an rèis ath-leasachaidh-chànain?
| Originalsprache | English |
|---|---|
| Titel | Rannsachadh na Gàidhlig 6 |
| Redakteure/-innen | Colm Ó Baoill, Nancy McGuire |
| Erscheinungsort | Aberdeen |
| Herausgeber (Verlag) | An Clò Gàidhealach |
| Seiten | 361 |
| Seitenumfang | 372 |
| ISBN (Print) | 978-0-9523911-8-0 |
| Publikationsstatus | Published - 2013 |
Fingerprint
Untersuchen Sie die Forschungsthemen von „Stèidheachadh Ideòlais-chànain Ùir: cnag na cùise ann an ath-neartachadh cànain ann an cunnart“. Zusammen bilden sie einen einzigartigen Fingerprint.Dieses zitieren
- APA
- Author
- BIBTEX
- Harvard
- Standard
- RIS
- Vancouver