Zur Hauptnavigation wechseln Zur Suche wechseln Zum Hauptinhalt wechseln

Nàdarrachd agus Ùghdarrachd ann an Ideòlas-cànain an Ath-bheothachaidh ann an Èirinn

Publikation: Chapter

55 Downloads (Pure)

Abstract

Gu coiteanta, sònraichear nàdarrachd ann an labhairt mar chomharradh gu bheil neach-labhairt air choireigin ùghdarrail, agus 's ann le nàdarra a thathar a'ciallachadh gu bheil an labhairt sin gun fhèin-mhothachadh, mas fhìor.(Eckert 2003, Jolly 2000)Rinneadh agallamhan còmhla ri buill de choimhearsnachdan Gàidhlig ùra ann an Èirinn agus seallar gu bheil an dà bhun-bheachd càirdeach seo, nàdarrachd agus ùghdarrachd, air iomradh ann an conaltradh mu chleachdadh-cànain le luchd-labhairt na Gàidhlig neo-thraidiseanta. Nithear argamaid gu bheil na bun-bheachdan seo trioblaideach an rèis ath-leasachaidh-chànain. Molar gu bheil linn na coimhearsnachd Gàidhlig nàdarra seachad, ma bha a leithid a-riamh againn, agus mar sin, nach e amas freagarrach a th'ann an nàdarrachd nuair a thig e gu ath-leasachadh na Gàidhlig. Agus molar gu bheil ùghdarrachd nas trioblaidiche fhathast, a thaobh èifeachd an ath-leasachaidh agus a thaobh bheusan, ma nithear iomsgaradh eadar luchd-labhairt na Gàidhlig 'fìor'agus luchd-labhairt na Gàidhlig eile.
OriginalspracheEnglish
TitelFrom Vestiges to the Very Day: New Voices in Celtic Studies
Redakteure/-innenMoray Watson, Lindsay Milligan
Herausgeber (Verlag)Centre for Irish and Scottish Studies
Seiten91-98
Seitenumfang8
PublikationsstatusPublished - 2010

Fingerprint

Untersuchen Sie die Forschungsthemen von „Nàdarrachd agus Ùghdarrachd ann an Ideòlas-cànain an Ath-bheothachaidh ann an Èirinn“. Zusammen bilden sie einen einzigartigen Fingerprint.

Dieses zitieren