تخطي إلى التنقل الرئيسي تخطي إلى البحث تخطي إلى المحتوى الرئيسي

A bheil i beò fhathast? A’ Ghàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aonamh linn air fhichead

نتاج البحث: Chapter

239 التنزيلات (Pure)

ملخص

Tha coimhearsnachdan-labhairt na Gàidhlig a' dol tro atharrachadh bunasach an-dràsta: tha a' Ghàidhlig a' caochladh gu luath bho chànan coimhearsnachd gu cànan lìonraidh anns gach àite air feadh na h-Alba. Am mair a' Ghàidhlig beò mar chànan lìonraidh anns an àm ri teachd? Agus ma mhaireas, ciamar a thèid lìonraidhean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh? Dè na dùbhlanan structarach, agus a' cheart cho cudromach, dè na dùbhlanan ideòlach ron Ath-Bheothachadh mar thoradh air an atharrachadh bhunasach seo? Ciamar a thuigear na th' ann an cànan beò? Ma chaochlas a' Ghàidhlig mar cànan na coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a bheil i fhathast beò ann an riochd lìonraidh? Ann an 2010-2011, rinneadh agallamhan le luchd-ionnsachaidh dualchasach na Gàidhlig, neo heritage learners. Bhiodh an luchd-ionnsachaidh seo air iomall saoghal na Gàidhlig ann an iomadh dòigh, a thaobh comais agus fèin-aithne, agus ged a dh'aithris iad uile gun do chleachd iad a' Ghàidhlig nam beatha làitheil, cha robh ach fear dhe na h-agallaichean a' fuireach ann an sgìre làidir Ghàidhlig aig àm an rannsachaidh. Thèid dàta bho na h-agallamhan seo a chleachdadh ann am meòrachadh air beothalachd na Gàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aona linn air fhichead. Nithear argamaid gu bheil sinn a' dèanamh dà rud riatanach ann an ath-leasachadh na Gàidhlig: gu bheil sinn a' cruthachadh shuidheachaidhean ùra far am feumar a' Ghàidhlig a chleachdadh, agus gu bheil sinn a' daingneachadh a' cheangail eadar fèin-aithne nan Gàidheal agus cleachdadh na Gàidhlig fhèin, seach sinnsireachd neo cineal. Thig dùbhlanan structarach agus ideòlach nach beag an cois an dà ghnìomha seo, agus nithear meòrachadh air ciamar a thèid an coinneachadh.
العنوان المترجم للمساهمةIs it still alive?: Gaelic as a Networked Language in the 21st Century
اللغة الأصليةScottish Gaelic/Gàidhlig na h-Alba
عنوان منشور المضيفLitreachas, Eachdraidh & Cànan: Rannsachadh na Gàidhlig 7
المحررونSheile Kidd, Thomas Clancy, Roibeart Ó Maolalaigh
حالة النشرPublished - أغسطس 2020
الحدثRannsachadh na Gàidhlig 2012 - University of Glasgow, Glasgow, United Kingdom
المدة: ٢١ أغسطس ٢٠١٢ → ٢٣ أغسطس ٢٠١٢

Conference

ConferenceRannsachadh na Gàidhlig 2012
الدولة/الإقليمUnited Kingdom
المدينةGlasgow
المدة٢١/٠٨/١٢ → ٢٣/٠٨/١٢

بصمة

أدرس بدقة موضوعات البحث “A bheil i beò fhathast? A’ Ghàidhlig mar chànan lìonraidh anns an aonamh linn air fhichead'. فهما يشكلان معًا بصمة فريدة.

قم بذكر هذا